Fosglaidh Ceangal-Rathad an Iar Inbhir Nis an ath-mhìos

  • 28 An t-Samhain 2017
Drochaid Image copyright Stuart Black/Highland Council
Image caption Drochaid ùr ga togail airson a' cheangal-rathaid na bu tràith am bliadhna

Fosglaidh Ceangal-Rathad an Iar Inbhir Nis an ath-mhìos.

Bidh e fosgailte gu trafaig bho mheadhan-là air an 11mh là den Dùbhlachd.

Leigidh an rathad, a chosg na milleanan Notaichean agus a th' air a bhith connspaideach, le daoine dràibheadh eadar an A9 agus an A82 gun a dhol tro mheadhan a' bhaile.

Tha dùil ri rathad eile san àm ri teachd, a nì ceangal eadar an A9 agus an A96.