Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bun-Phrìs

Tha a' chùirt as àirde san Rìoghachd Aonaichte air co-dhùnadh gum faod bun-phrìs a stèidheachadh air deòch-làidir ann an Alba. Chuir Riaghaltas na h-Alba taic ris a' phoileasaidh ann an 2012, 's an Riaghaltas ag ràdh gun cuireadh e casg air daoine a bhith ag òl cùs, 's gun sàbhaladh e daoine. Chaidh ath-thagradh an aghaidh a' phoileasaidh a thogail le Comann an Uisge Bheatha, a bha ag ràdh gun robh e an aghaidh laghan Eòrpach. Thuirt a' Phrìomh Chùirt an-diugh, ge-tà, nach robh an reachdas an aghaidh laghan Eòrpach, 's gur e dòigh fhreagarach a bh' ann air amas dligheach a choileanadh.

Ailig Rowley

Tha am Ball Pàrlamaid Albannach, Ailig Rowley, air a dhreuchdan mar cheannard eadar-amail nan Làbarach an Alba, agus leas-cheannard a' phàrtaidh, a chur a dhara taobh, às dèidh aithrisean mun dol-a-mach aige. Chuir Ball Meadhan Alba 's Fìobha e fhèin fa chomhair buidheann sgrùdaidh a' phàrtaidh às dèidh aithrisean ann am pàipear naidheachd mu dhroch theachdaireachdan a chuir e gu tè a bha na leannan aige. Ann am brath, chaidh Mgr Rowley gu làidir às àicheadh nan aithrisean 's e ag ràdh gu bheil e a' seasamh a dhara taobh fhad 's a tha an rannsachadh a' dol.

Cion-cosnaidh

Tha ìre cion-cosnaidh na h-Alba air èirigh beagan. Tha am fiosrachadh às ùr bho Oifis an Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh an àireamh dhaoine gun obair suas 2000 - 0.1% - eadar an Iuchair 's an t-Sultain. Anns an Rìoghachd Aonaichte air fad, bha e sìos 59,000.

Zimbabwe

Tha carbadan airm air na sràidean ann an Zimbabwe às dèidh losgadh ghunnaichean agus spreidhidhean tron oidhche ann. Às dèidh dhaibh smachd a ghabhail air telebhisean stàite na dùthcha, leugh fear de sheanailearan airm Zimbabwe brath, ag ràdh nach robhas air coup a dhèanamh. Thuirt e gun robh an ceann-suidhe, Raibeart Mugabe agus a theaghlach, sàbhailte. Thuirt labhraiche dhan phàrtaidh Riaghalaidh Zanu PF, Nick Mangwana, gu bheil Zimbabwe a' dol tro "re-alignment".

Loch nam Madadh

Tha e air thighinn am bàrr gu bheil planaichean ann làrach seann sgoil Loch nam Madadh a ghabhail a-nall dhan choimhearsnachd. Tha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath an dòchas an làrach fhaighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar agus airson ionad fiosrachaidh, àitean fuirich agus seòmraichean teagaisg a dhèanamh ann.

Astràilia

Tha muinntir Astràilia air bhòtadh gu làidir airson pòsaidhean aona-ghneitheach a stèidheachadh san lagh. Tha toradh na bhòt neo-cheangaltach, a' sealltainn gu do chuir trì fichead às a' cheud de dhaoine taic ris an lagh atharachadh. Thuirt am Prìomhaire, Mìcheal Turnbull, gu bheil e ag iarraidh reachdas air a' chùis a chur air adhart ro dheireadh na bliadhna.

Aimsir

Tha buidheann comhairleachaidh ùr ga stèidheachadh a bheir taic do chroitearan 's tuathanaich le duilgheadasan a tha an aimsir a' dèanamh dhaibh. Thèid a chur an sàs nuair a tha droch shìde ann, a' roinn taic agus fiosrachaidh air feadh na dùthcha. Bidh riochdairean ann bho Oifis na Sìde, Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, Riaghaltas na h-Alba agus Aonadh nan Tuathanach.