Plana ùr do Phrìosan Inbhir Nis

  • 15 An t-Samhain 2017
Prìosan Inbhir Nis Image copyright Dr Neil Clifton/Geograph

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tarraing plana ri chèile airson goireas turasachd a dhèanamh de Phrìosan Inbhir Nis nuair a dhùineas e.

Rachadh cuideachd taighean a thogail air an làraich.

Fhuair Seirbheis Phrìosain na h-Alba cead-dealbhachaidh roimhe airson prìosan ùr a thogail faisg air Pàirce Bhùithean Inbhir Nis.

Tha dòchas ann gun tòisich obair togail an sin an ath-bhliadhna.

Reicidh an Riaghaltas an uairsin an seann phrìosan.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' meòrachadh air mar a ghabhadh feum a dhèanamh dheth.

A bharrachd air 30 taigh a thogail air an làraich, tha oifigearan comhairle cuideachd airson 's gun rachadh ionad turasachd a chur ann.

Tha iad mar-thà air tadhal air prìosan ainmeil a' Chromghlinne ann am Béal Feirste, a tha a-nis na ionad turasachd is a tha a' nochdadh eachdraidh a' phrìosain.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air plana a' phrìosain a chur ann an dreach phlana dealbhachaidh a' bhaile, 's tha dùil ri fiosrachadh nas mionaidiche anns na seachdainean ri tighinn.