Gealltanas bhon Riaghaltas mu Àirinis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gealltanas bhon Riaghaltas mu Àranais

14 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Priomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon gun dèan Riaghaltas na h-Alba gach rud as urrainn dhaibh airson taic a thoirt dhan companaidh BiFab aig a bheil Gàrradh Àirinis ann an Leòdhas agus dà ghàrradh togail ann am Fìobha.

Tha Bifab ag ràdh mur a tèid ceistean airgid a rèiteach gum feum iad luchd-rianachd a thoirt a-steach ach, tha na h-aonaidhean air a ràdh nach leig iad le pioc den an obair a ghluasad a-mach às na gàrraidhean.

Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil e a' tuigsinn cho làidir sa tha daoine a' faireachdainn.