CnES air sgrìobhadh gu Ministear na Cumhachd mu BiFab
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

CnES air sgrìobhadh gu Ministear na Cumhachd mu BiFab

14 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Comhairle nan Eilean Siar air sgrìobhadh gu Ministear Cumhachd na h-Alba, Pòl Wheelhouse, a dhaingneachadh dha cho cudromach sa tha Gàrradh Àirinis do dh'economaidh nan Eilean.

Tha ceist air èirigh mun ghàrradh agus dà ghàrradh eile ann am Fìobha as dèidh dhan a' chompanaidh tha gan obrachadh, BiFab, nochdadh gur dòcha gum feum iad a dhol a làmhan luchd-rianachd, as dèidh trioblaidean airgid èirigh.

Thuirt cathraiche comataidh leasachaidh na Comhairle, Dòmhnall Crichton, nach gabhadh cus a dhèanamh dheth cho cudromach sa tha Àranais.