Ìobairt nam Pòlainneach ga cuimhneachadh

  • 14 An t-Samhain 2017
Carragh-chuimhne nam Pòlainneach Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh carragh-chuimhne ann an Taobh Sear Rois do shaighdearan na Pòlainne a bhàsaich san dàrna cogadh a sgeadachadh às ùr.

'S iad saighdearan às A' Phòlainn a thog a' charragh-chuimhne ann an Inbhir Ghòrdain ann an 1947.

Chleachd iad clachan bhon chladach faisg air làimh is iad a' comharrachadh ìobairt nan caraidean nach tàinig tron chogadh beò.

Shabaid na Pòlainnaich air taobh Bhreatainn sa chogadh agus bha mòran dhuibh stèidhichte ann an Alba.

Thathas a-nis air a' charragh-chuimhne ann an Inbhir Ghòrdain a chur air dòigh às ùr, is na litrichean air am peantadh.

A bharrachd air sin, chaidh obair-sgeadachaidh eile a dhèanamh aig an làraich le craobhan air an leagail is beingean air am peantadh.

Phàigh Comhairle na Gàidhealtachd airson nan leasachaidhean agus 's iad feadhainn air an deach binn obair 'sa choimhearsnachd a rinn an obair.

Bidh seirbheis chuimhneachaidh ann aig a' charragh-chuimhne aig 2.00f Didòmhnaich an 19mh den t-Samhain.

Bha athair Vanda Hardy am measg nan saighdearan a thog a' charragh-chuimhne ann an 1947.

"S e àite sònraichte a tha seo oir tha a' charragh-chuimhne ri taobh far an robh geata Champa nam Pòlainneach ann an Inbhir Ghòrdain", thuirt Vanda.

"Tha mi cho toilichte gu bheil coltas cho snog air an àite air thoiseach air an t-seirbheis Didòmhnaich", thuirt i.