ICT air an taghadh an aghaidh Crusaders

  • 14 An t-Samhain 2017
Connor Bell Image copyright SNS
Image caption Chuir tadhal bho Chonnor Bell ICT san iar-chuairt dheireannaich.

Bidh Caley Thistle an aghaidh Crusaders às Èirinn a Tuath san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba.

Bidh Inbhir Nis aig an taigh.

Ràinig ICT an iar-chuairt dheireannach air an deireadh-sheachdain às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air an Eaglais Bhric 1-0 ann an Inbhir Nis.

San iar-chuairt dheireannaich eile, bidh na New Saints às a' Chuimrigh an aghaidh Dhùn Bhreatainn.

Bidh na geamaichean ann air an deireadh-sheachdain den 17mh is 18mh den Ghearran.

Bhuannaich Inbhir Nis an cupa roimhe ann an 2003/04.