Iomairt Poilis air an A82

  • 14 An t-Samhain 2017
A82 Image copyright David Dixon / Geograph

Dh'innis Poileas Alba gun do chuir iad stad air còrr 's 150 carbad Dihaoine mar phàirt de iomairt shònraichte air an A82.

Bha an iomairt gu sònraichte a' coimhead ris a' phìos den rathad eadar Inbhir Nis agus a' Chrìon-Làraich.

Bha poilis às a' Ghàidhealtachd ag obair còmhla ri oifigearan às Earra-Ghàidheal is Bòd, cho math ri Compàirteachas Chamara a' Chinn a Tuath.

Dh'innis Poileas Alba gun d' fhuair iad ochdnar a bha a' dràibheadh ro luath, dithis a bha a' dràibheadh gun chùram, agus seachd cùisean eile far an robh trioblaidean ann le clàradh agus cleachdadh chàraichean.

Thèid aithisg cuideachd a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin ann an co-cheangal ri dràibhear a bhith fo bhuaidh na dibhe.

A bharrachd air sin, chaidh 21 rabhadh eile a thoirt seachad do dhràibhearan.

Thuirt na Poilis gur e rathad trang is cudromach a th' anns an A82, is gum feum e a bhith cho sàbhailte 's a ghabhas.

Thuirt iad gun lean iomairtean mar seo san àm ri teachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile