Plèanaichean faisg air bualadh ri chèile

  • 13 An t-Samhain 2017
Typhoon Image copyright PA

Thàinig e am bàrr gun tàinig plèana RAF agus plèana sìobhalta faisg air bualadh ri chèile air a' Ghàidhealtachd as t-Samhradh.

Dh'innis aithisg ùr mun ghnothach gun robh Typhoon bho RAF Inbhir Lòsaidh agus plèana BAE Jetstream cho faisg ri 100 meatair bho chèile.

Thachair seo an ear-dheas air Inbhir Ùige san Òg-Mhìos.

Thuirt an aithisg nach fhaca na pìleatan càch a chèile gus nach robh ach diogan eatorra.

Chaidh tubaist a sheachnadh leis gun do stiùir am plèana sìobhalta a shròn sìos is an Typhoon a' dol os a chionn.

Dh'innis an aithisg gun robh grunn rudan a dh'adhbhraich na thachair, ach nach robh fiosrachadh gu leòr aig pìleat an Typhoon leis nach robh an dàrna siostam ràdar ag obair.

Thuirt an RAF gu bheil iad air òrdugh a thoirt seachad a-nise nach fàg plèana gun dàrna siostam ràdar ach ann an suidheachadh èiginn.