Iomairtean an aghaidh ghearraidhean slàinte

  • 27 An Dàmhair 2017
Luchd-iomairt
Image caption Luchd-iomairt à Gallaibh a' togail fianais aig coinneimh de NHS na Gàidhealtachd an-uiridh.

Ghabh na ceudan dhaoine pàirt ann an seirbheis choinneil ann an Inbhir Ùige Diardaoin 's iad ag iomairt an aghaidh atharrachaidhean a tha NHS na Gàidhealtachd a' moladh 'son seirbheisean slàinte ann an Gallaibh.

Tha dragh air daoine gun tèid Ospadal Baile Inbhir Ùige a dhùnadh agus gun tèid an àireamh leapannan ann an Ospadal Dhùn Bàrr, ann an Inbhir Theòrsa, a lùghdachadh.

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann an Gallaibh bho chionn ghoirid, bho thàinig air a' mhòr-chuid de bhoireannaich a tha an dùil ri leanabh a dhol a dh'Inbhir Nis, seach do dh'ospadal na sgìre.

Dh'innis Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air seirbheisean slàinte na sgìre gu lèir.

Chruinnich sluagh ann an Inbhir Ùige le coinnlean oidhche Ardaoin agus chaidh còig mionaidean de shàmhchair a chumail.

Thèid caismeachdan eile a chumail ann an Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa air an deireadh-sheachdain.

Tha luchd-iomairt san Eilean Sgitheanach cuideachd gu bhith a' togail fianais Disathairne 's iad airson 's gun tèid seirbheisean aig Ospadal Phort Rìgh a ghlèidheadh.

Buidheann ùr

Aig a' cheart àm, thèid buidheann slàinte a chur air chois aig Comhairle na Gàidhealtachd mar fhreagairt air na draghan a th' air nochdadh mu ghearraidhen san t-seirbheis shlàinte.

Tha fear de chomhairlichean Ghallaibh, Raymond Bremner, den bheachd gum faodadh gun tig piseach air cùisean le guth nas làidire.

''Tha sinne gu bhith a' bruidhinn mar aon ghuth mun a h-uile càil a tha a' tachairt air feadh na Gàidhealtachd.

''Bidh cothroman againn bruidhinn ris na daoine a tha ag obair sa Phàrlamaid ann an Dùn Èideann.

'''S dòcha gun tèid againn air bruidhinn ri Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, agus an sgioba aice mu na tha a' tachairt ann an Gallaibh, Port Rìgh agus na h-àiteachan eile air feadh na Gàidhealtachd,'' thuirt e.