Inbhe UNESCO dhan Eilean Sgitheanach?

  • 26 An Dàmhair 2017
An t-Eilean Sgitheanach

Dh'fhaodadh gun tèid oidhirp a dhèanamh gus inbhe UNESCO mar làrach dhuachas na Cruinne fhaighinn dhan Eilean Sgitheanach.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' rannsachadh na ghabhas dèanamh gus piseach a thoirt air goireasan do luchd-turais anns an Eilean Sgitheanach, agus an àireamh dhaoine a thadhail air an eilean am-bliadhna air a bhith ro mhòr airson nan rathaidean, raointean-parcaidh agus taighean-beaga, am measg eile, a th' ann.

Am measg nam molaidhean aca, tha a bhith a' sireadh inbhe UNESCO mar Làrach Dhualchas na Cruinne dhan eilean.

Tha làraichean eile an Alba leis an inbhe sin mar thà, nam measg Hiort, agus am Mur Antonine.

Thathas a' moladh inbhe dhùbailte - coltach ris na th' aig Hiort - dhan Eilean Sgitheanach, ri linn cruth na tìre 's an fhiadh-bheatha, ach cuideachd ri linn cultair an eilein.

An ceann beagan bhliadhnaichean, dh'fhaodadh cuideachd gun tèid rèis longan seòlaidh àrda a chumail eadar an t-Eilean agus Hiort.