Barrachd a dhìth a thaobh nan gèadh

  • 26 An Dàmhair 2017
Geòidh Ghlasa

Sgrìobhaidh Comataidh Thar-Phàrtaidh na Croitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba gu Rùnaire na h-Àrainneachd a dh'iarraidh oirre barrachd a dhèanamh gus smachd a chur air àireamh nan geadh glasa anns na h-Eileanan.

Dh'innis Roseanna Choineagan nach tèid sgeama pìleat airson losgadh air na h-èoin anns na h-Eileanan an Iar a leudachadh.

Ann an litir a chuir i mar fhreagairt do litir a sgrìobh Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar thuice, thuirt i gun robh e riamh na amas aig an Riaghaltas gur ann sealadach a bhiodh na sgeamaichean pìleat, gus sealltainn mar a ghabhas smachd cumail air na geòidh.

Bidh na geòidh ag ithe sìl, feòir agus bàrr eile, agus a' gannrachadh talamh ionaltraidh le an cuid salchair - bhon gabh galar togail le stoc.

Cead Coitcheann

Thuirt Ms Choineagan gun deach na geòidh ghlasa a chur air an liosta de bheathaichean a tha e ceadaichte a bhith a' sealadh fon chead choitcheann, agus gum faod daoine le cead gunna losgadh orra co-dhiù san t-seusan fosgailte - seachd mìosan den bhliadhna.

Tha e a-nis an urra ri buidhnean ionadail dèiligeadh ris a' chùis iad fhèin, thuirt i, ach thuirt i gu bheil Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) air maoineachadh £10,000 a chur an àite gus cuideachadh le buidhnean ann an Arcaibh, Uibhist, Tiriodh is Colla, agus Leòdhas is na Hearadh - far an deach na sgeamaichean pìleat a chumail - dèiligeadh ris a' chùis.

Rinn i soilleir nach ann airson sgeamaichean losgaidh eile a mhaoineachadh a tha an t-airgead.

A rèir chatharaiche Comataidh Croitearachd Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, tha seo a' ciallachadh gun tèid an t-adhartas a bh' ann a chall.

"Fhuair sinn briseadh dùil nach robh plana sam bith aca airson an sgeama seo a chur air chois a-rithist." thuirt e.

"Tha iad a-nise ag iarraidh SNH a bhith ag obair còmhla ris na buidhnean ionadail airson feuchainn ri adhartas a dhèanamh airson smachd a chumail air na geòidh, ach chan eil airgead ann airson sin a dhèanamh ach £10,000 eadar na buidhnean ionadail eadar Arcaibh agus Tiriodh.

"Chan eil sin a' dol a dhèanamh mòran.

"Tha na buidhnean sin a' dol a chleachdadh an airgid a tha seo airson rannsachadh a dhèanamh air ciamar a gheibh iad air adhartas a dhèanamh leis a' phlàigh a tha seo.

Reic Feòla

"Feumaidh an Riaghaltas tighinn a-steach le barrachd na seo.

"Bha sinn a' faicinn gun robh na h-àireamhan a' dol sìos leis an sgeama, ach tha e gu math cinnteach a-nis gun tèid iad air ais suas.

"'S e call mòr a tha sin chan e a-mhàin dha croitearachd, ach cuideachd dha airgead phoblach air a thilgeil air seo, ach chan eil sinn a' faicinn buaidh leantainnich," thuirt e.

Às dèidh coinneimh de Chomataidh Thar-Phàrtaidh na Croitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain, aig an robh Mgr Crichton, tha a' bhuidheann sin a-nis a' dol a sgrìobhadh dhan Rùnaire.

"Tha sinn air aontachadh gun sgrìobh sinn a-rithist mar chomataidh dhan Mhinistear, Roseanna Choineagan, airson an cunnart a tha seo dha croitearchd a thoirt fa comhair," thuirt e.

Tha dragh air a' chomataidh cuideachd nach bi cead ann às dèidh a' Mhàirt 2019 feòil gheòidh a reic.

Tha cead ann an-dràsta, agus tha sin a' toirt teachd-a-steach dha na sgeamaichean losgaidh.

"Tha an cead sin gu bhith a' leantainn gu 2019, ach chan eil sin fada gu leòr airson ghnìomhachasan a tha ag iarraidh planachadh 's ag iarraidh airgead a chur a-steach dhan ghnìomhachas seo.

"Chan eil e a' toirt mòran mhisneachd dhaibh sin a dhèanamh. Chan eil cinnt gu bheil an cead a' dol a leantainn às dèidh a' Mhàirt 2019," thuirt e.