Rannsachadh mu thubaistean mairbhteach an A9

  • 26 An Dàmhair 2017
Seacaid Phoilis

Thuirt oifigich còmhdhail bho Riaghaltas na h-Alba gum bi iad ag obair le Poilis na h-Alba ann an oidhirp barrachd fhiosrachaidh fhaighinn mu na dh'adhbhraich dà thubaist mhairbhteach air an A9 sa chola-deug a dh'fhalbh.

Tha seo a' tighinn às deidh do dh'fhear de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Holyrood, Dàibhidh Stiùbhart, iarraidh air Còmhdhail na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh air cho soilleir 's a tha na soidhneachan far an do thachair na tubaistean.

Chaochail boireannach, aois 58, oidhche Mhàirt nuair a bhual an càr aice ann an làraidh tancair dà mhìle deas air an Aghaidh Mhòir.

An t-seachdain seo chaidh chaochail Norbert Palfi à Ceann a' Ghiùthsaich ann an tubaist le làraidh faisg air ceann-rathaid Loinn a' Bhuilg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo