Bàs air an A9

  • 25 An Dàmhair 2017
An càr às dèidh na tubaiste Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Bhuail an càr agus an làraidh an ceann a chèile.

Tha boireannach, 58, a bàsachadh an dèidh tubaiste eadar an càr Smart aice agus làraidh air an A9, faisg air an Aghaidh Mhòir.

Bhual an dà charbad an ceann a chèile mu dhà mhìle deas air a' bhaile aig 6:45f Dimàirt.

Chaidh an rathad a dhùnadh fad seachd uairean de thìde fhad 's a bha na Poilis a' rannsachadh.

'S e seo an treas tubaist ann an cola-deug eadar càraichean agus làraidhean air an earrann sin den A9.

Chaidh fireannach a mharbhadh an t-seachdain seo chaidh nuair a bhuail an càr aige agus làraidh na chèile aig ceann-rathaid Linne Bhuilg, faisg air an Aghaidh Mhòir.