Dùbhlain nan gnìomhachasan beaga dùthchail

  • 23 An Dàmhair 2017
Steòrnabhagh Image copyright Geograph/Stephen Branley

Tha naoi anns gach deich de ghnìomhachasan beaga ann an eileanan na h-Alba a' faireachdainn gu bheil dùbhlain romhpa nach eil ro chàch - a rèir sgrùdaidh a rinnear do Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga.

Chuir a' bhuidheann am fiosrachadh gu Pàrlamaid na h-Alba air thoiseach air Bile nan Eilean - a thathas a' cruthachadh gus cuideachadh a thoirt do choimhearsnachdan eileanach.

Bha còrr is 250 companaidh às na h-eileanan, leithid nan Eilean Siar, an Eilein Sgitheanaich agus nan Eilean Beaga an sàs san sgrùdadh.

Fhuairear gun robh cha mhòr an aon seòrsa dhraghan orra, 's iad ag ràdh gu bheil iad feumach air bann-leathann nas fheàrr, barrachd thaighean air prìsean reusanta agus luchd-obrach òga airson 's gum bi iad soirbheachail.

Chaidh buil an sgrùdaidh gu Comataidh Eaconamaidh nan Sgìrean Dùthchail aig Pàrlamaid na h-Alba a tha cuideachd a' meòrachadh air na bhios ann am bile eile a bheir cumhachdan a bharrachd do chomhairlean eileanach air na tha a' tachairt mu na cladaichean - sgìrean a tha air a bhith fo smachd Oighreachd a' Chrùin.

Cluinnidh a' chomataidh fianais bho Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga Diciadain.