Na Còisirean Dùthchail

  • 19 An Dàmhair 2017
Image caption Còisir Sgìr' a' Bhac le Avril Allen aig an stiùir.

'S e Diardaoin là mòr nan còisirean dùthchail aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Chaidh dà dhuais a thoirt seachad aig cuirm ann na Ionad Nibheis sa Ghearasdan feasgar - Sgiath Latharna, agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul.

'S iad Còisir Sgìr' a' Bhac a fhuair Sgiath Latharna.

Agus 's iad Bùrach a fhuair Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul.

Image caption Bùrch a' seinn san fharpais.