Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Sheall figearan ùra cion-cosnaidh gu bheil an àireamh dhaoine ann an Alba a tha gun chosnadh air a dhol suas 0.3%. Tha na figearan bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh 9,000 neach a bharrachd gun chosnadh eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal, le 113,000 neach gun chosnadh san fharsainneachd. Tha ìre na h-Alba a-nis aig 4.1% an taca ri àireamh na Rìoghachd Aonaichte san fharsainneachd a th' aig 4.3%.

An Creideas Coitcheann

Dh'fhoillsich an Riaghaltas gum bi àireamh fòn a tha a' toirt taic do dhaoine a tha a' sireadh a' chreideis choitchinn air a dhèanamh an asgaidh. Thàinig seo agus am Pàrtaidh Làbarach ag ràdh gun robh cosgais còrr air 50sg sa mhionaid air an loidhne-fòn. Thèid deasbad a chumail air a' phoileasaidh feasgar, leis an Làbaraich am measg eile ag iarraidh gun deadh dàil a chur ann a bhith a' leudachadh na sgeama air feadh na dùthcha.

Ionadan Turasachd

Dh'iarr a' bhuidheann Turasachd Innse Gall gun deadh sùil às ùr a thoirt air planaichean VisitScotland gus crathadh a thoirt air an àireamh de dh'ionadan fiosrachaidh a th' ann anns na h-Eileanan Siar. Dh'innis VisitScotland air an t-seachdain seo chaidh gun robh na h-ionadan ann am Barraigh agus Loch nam Madadh, am measg eile, gu bhith a' dùnadh. Ach tha Turasachd Innse Gall ag ràdh nach eil iad a' dol leis a' bheachd gu bheil aon hub dha na h-Eileanan Siar air fad a dhìth, 's thog iad dragh cuideachd mun ghluasad gu seirbheisean didseatach.

Càise

Cha tèid casaidean eucorra a thogail an aghaidh companaidh càise an co-cheangail ri mar a bhàsaich nighean òg, trì bliadhna de dh'aois, le E-coli. Thuirt Oifis a' Chrùin nach robh fianais a' ceangal Errington Cheese le bàs na h-ìghne à Bearsden, anns san t-Sultain 2016. Tha sin a dh'aindeoin mar a chaidh ainmeachadh gur ann as coltaiche gun tàinig an galar bhon chàise aca leis an ainm Dunsyre Blue.

An NHS

Fhuair sgrùdadh a rinneadh dhan BhBC gur ann an Alba a-mhàin a chaidh targaidean feitheimh an NHS a choileanadh thairis air grunn mhìosan. A rèir fhigearan oifigeil dh'fhailich air an NHS ann an Sasainn, anns a' Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath na targaidean a ruighinn uair sam bith bho thràth ann an 2016. Tha an sgrùdadh a' cumail a-mach gu bheil lùghdachadh air a thighinn air ìrean seirbheis air feadh na Rìoghachd Aonaichte air fad thairis air na ceithir bliadhna a dh'fhalbh.

Am Mòd

'S aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar tha farpaisean a' Bhuinn Òir air tòiseachadh, am measg eile. Thèid na cuairtean deireannach a chraoladh beò air BBC ALBA a-nochd fhathast leis a' phrògram a' tòiseachadh aig 7:30f. Agus 's e an-diugh cuideachd Là Litreachais a' Mhòid.