Bacadh bho dhìth sheirbheisean-adhair

  • 18 An Dàmhair 2017
Raon-laighe Aiseig
Image caption Chosgadh e mu £4m an raon-laighe aig Aiseag a thoirt gu ìre.

Thuirt a' bhuidheann-iomairt, FlySkye, gu bheil dìth sheirbheisean-adhair chun an Eilein Sgitheanaich a' cur bacadh air gnothaichean san eilean.

Bha iad a' bruidhinn às dèidh mar a nochd àireamhan ùra gun do shiubhail 1.6m duine tro phuirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean anns a' bhliadhna a chaidh seachad - an àireamh a bu mhotha a-riamh.

"'S e an t-Eilean Sgitheanach an aon eilean cuimseach mòr far nach fhaigh thu seirbheis-adhair ann no às," thuirt Boyd Robasdan, bho FlySkye.

"Anns an linn a tha seo tha feum aig daoine air siubhal gu h-aithghearr, gu sgiobalta, bho dheas gu tuath, agus an rathad eile cuideachd.

Fèill

"Tha e a' cur bacadh air na h-uimhir de rudan a bhith a' tachairt anns an Eilean Sgitheanach.

"Chan eil e cho deiseil do dhaoine a tha a' tighinn - mar eisimpleir companaidhean fiolmaichean 's an leithid sin.

"Agus tha a-nis mòran leasachaidhean a' gabhail àite ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich an seo.

"Chaidh aithisg a dheasachadh leis na trì buidhnean oifigeil - 's e sin Iomairt na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd agus a' bhuidheann còmhdhail HITRANS - ann an 2013.

"Agus nuair a thug iadsan an aithisg sin chun an Riaghaltais agus gu Buidheann Còmhdhail na h-Alba, chaidh iarraidh orra sgrùdadh nas mionaidiche a dhèanamh agus coimhead air na h-àireamhan a bha sa chiad aithisg.

"Niste, thachair sin an-uiridh, agus tha aithisg air tighinn a-mach a-rithist bho na trì buidhnean oifigeil sin a tha a' dearbhadh gum biodh fèill air seirbheis mar seo.

"Tha iad a' dèanamh a-mach gum biodh 24,000 duine a' siubhal gach bliadhna nam biodh dusan seirbheis san t-seachdain suas is sìos a Ghlaschu às an Eilean Sgitheanach.

"Tha e a' soilleireachadh gu bheil cosgais gus a bhith ann - mu £4m - raon-laighe Aiseig a dhèanamh suas chun na h-ìre a dh'fheumas e airson seirbheis chunbhallach a bhith ann.

"Chan e cosgais ro mhòr a tha sin.

"Tha mi cinnteach gum feumadh e tighinn bho riaghaltas ionadail agus bho riaghaltas nàiseanta, bho na buidhnean poblach gu lèir, gum feumadh iad uile an làmh a chur anns an sporran.

"Ach tha maoin aca airson leasachaidhean den t-seòrsa sin.

Radaigeach

"Agus chunnaic sinn mar thà o chionn beagan bhliadhnaichean gun deach raon-làighe ùr agus seirbheisean-adhair ùra a stèidheachadh san Òban, a tha gu math nas fhaisge air na bailtean mòra 's meadhan na dùthcha.

"Ach tha seirbheisean aig an Òban a' ruith a-mach gu na h-eileanan ann an Earra-Ghàidheal, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil leasan ri ionnsachadh bho na thachair san Òban, agus gum faodadh an t-Eilean Sgitheanach a bhith ag obair car san aon dòigh, le seirbheisean dha na h-eileanan eile, a bharrachd air seirbheis - a' phrìomh sheirbheis 's dòcha - dha na bailtean mòra.

"Tha feum againn air dòigh smaoineachaidh gu tur eadar-dhealaichte a thaobh siubhail air Ghàidhealtachd - 's chan e a-mhàin a thaobh phlèanaichean, ach a thaobh a h-uile modh còmhdhail eile," thuirt e.

"Chan eil ceanglaichean freagarrach eadar aiseagan is busaichean is trèanaichean mar eisimpleir.

"Tha feum air coimhead ann an dòigh gu math farsainn, 's gu math radaigeach air còmhdhail air Ghàidhealtachd," thuirt e.