Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-admhorachd chun na h-ìre as àirde ann an còrr air còig bliadhna, a rèir nam figearan as ùire. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun robh an atmhorachd anns an t-Sultain a rèir chlàr an CPI aig 3% - sin suas 0.1% bhon Lùnastal. Tha e coltach gur ann mar a chaidh cosgaisean bìdhe agus cosgaisean siubhail am meud a dh'adhbharaich an t-àrdachadh. Tha figearan na mìos seo cudromach cuideachd, oir bheir e buaidh air ìre peinnsein na stàite bhon Ghiblean 2018.

Stoirm Ophelia

Tha dùil gun tèid cumhachd an dealain a thilleadh gu mu 1,100 dachaigh ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh feasgar an-diugh an dèidh mar a chaidh am fàgail gun dealan ri linn Stoirm Ophelia. Tha gaoth làidir fhathast ann an sgìrean de cheann a deas na h-Alba, 's tha rabhadh ann cuideachd mu thuiltean. Tha cuid ann an Uibhist a Tuath agus Griomsaigh cuideachd air a bhith às aonais chumhachd an dealain an-diugh, ged a tha SSE ag ràdh gu bheil iad an dòchas an trioblaid sin a chàradh a dh'aithghearr. Tha cudieachd buaidh fhathast air seirbheisean còmhdhail air feadh an dùthcha.

Murt

Tha fireannach a shàth fear eile gu bàs ann an Glaschu air binn beatha fhaighinn. Chaidh Robert Letham, aois 32, fhaighinn ciontach an dèidh muirt Steven Russell ann am Possil Park anns a' bhaile sa Ghearran. Aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu an-diugh, chuir am britheamh, a' Bhana-Mhorair Reay, binn 22 bhliadhna aig a' char as lugha air.

Brexit

Dh'aontaich am Prìomhaire Theresa May agus Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich Jean-Claude Junker, gun robh còir cabhag a chur air na còmhraidhean mu dheidhinn Bhrexit. Choinnich an dithis an-raoir anns a' Bhruiseil, air thoiseach air an tuilleadh chòmhraidhean air a' chuspair aig deireadh na seachdain seo. Cha tàinig càil a-mach às a' choinneimh ge-tà, mu na cuspairean mòra far a bheil eas-aonta ann fhathast eadar Breatainn agus an EU, mar eisimpleir mu na dh'fheumas Breatainn pàigheadh dhan Aonadh Eòrpach an dèidh dhi fàgail.

Obair Dheathain

Chaidh boireannach aois 39 air a beatha a chall an dèidh mar a chaidh an taigh aice ann an Obar Dheathain na smàl an-raoir. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Ceàrnag Shapinsay beagan an dèidh 9:00f an-raoir. Thuirt na Poilis gun robh iad a' rannsachadh na cùise, ach nach robh coltas gun robh càil amharasach mu na thachair aig an ìre seo.

Buill-Phàrlamaid

Tha an SNP agus na Lib-Deamaich ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às do phlanaichean airson an àireamh de Bhuill-Phàrlamaid ann an Alba a lùghdachadh. Thèid molaidhean mu mar a ghabhadh sin a dhèanamh fhoillseachadh às ùr le Coimisean nan Crìochan. Fo na planaichean bhiodh 53 Ball-Pàrlamaid ann an Alba, seach an 59 a th' ann an-dràsta.

Am Mòd

Agus tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' leantainn ann an Loch Abar an-diugh far am bi clann a tha fileanta sa Ghàidhlig an sàs ann am farpaisean. Thèid duais ùr cuideachd a thoirt seachad mar urram air Teàrlach MacColla, nach maireann, a bha gu mòr an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig anns an sgìre.