Tubaist aig Port-Adhair Steòrnabhaigh

  • 16 An Dàmhair 2017
Plèana Eastern Airways

Chaidh itealan Flybe a bha a' siubhal a Ghlaschu far an raoin-tacsaidh aig Port-Adhair Steòrnabhaigh oidhche na Sàbaid.

Dhearbh a' chompanaidh gun do bhuail an itealan ann am fear de na solais a bh' air air an raon-laighe, ag adhbhrachadh na tubaiste.

Thathas a' tuigsinn gun deach taidhear a' phlèana a tholladh.

Bha na seirbheisean èiginn an làthair, ach cha deach duine a ghoirteachadh.

Bha 29 duine de luchd-siubhail, agus triùir luchd-obrach air bòrd.

"Bha dòchas againn fàgail aig 4:35f, nuair a bha còir aig a' phlèana dèanamh às," thuirt Derek Moireach, a bh' air an itealan.

"Ach bha dàil anns a' chùis co-dhiù, agus bha daoine gu math mì-fhoighdinneach a' feitheamh.

"Tha mi a' creidsinn gun robh e timcheall air 7:55f nuair a dh'fhàg sinn am port-adhair fhèin, agus bha sinn slaodach a' fàgail.

"Timcheall air dà mhionaid, chuala mi brag bhon itealan. Mhothaich thu gun robh brag ann.

"Ach cha b' e brag a bh' ann a chuir feagal air daoine. Cha do ghoirtich e duine, agus chanainn eadar deich agus fichead troigh às dèidh sin, stad sinn.

"Bha sinn treiseag mhath a' feitheamh gus an tàinig an sgiobair air an tanoidh, 's dh'innis e dhuinn gun robh esan den bheachd gun robh iad an dèidh bualadh ann an rabaid.

"Bha mi ag ràdh rium fhìn, gur e brod de rabaid a bh' ann, leis a' bhrag a bh' ann. Ach thuirt e gum feumadh iad co-dhiù sùil a thoirt air na cuibhlichean.

"Bha sin ceart gu leòr. Bha a h-uile duine gu math foighdinneach leis a' chùis.

"An uair sin thàinig e air ais air an tanoidh - agus dh'aithnicheadh tu gun robh sinn nar suidhe beagan nas ìsle air an làimh chlì.

"Thàinig an sgiobair air 's dh'aidich e gur e an rud a thachair gun robh iad an dèidh bualadh ann an aon de na solais air oir an raoin fhèin, agus gun robh pìos den t-solas sin air bualadh anns a' chuibhle," thuirt e.

Thuirt FlyBe gum biodh an luchd-siubhail air an cur air seirbheisean eile sa mhadainn Diluain.