Trailing Donn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aithris Fuaime: Trailing Donn

13 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich proiseact ùr ann an Dùthaich MhicAoidh airson barrachd aire a thoirt dhan a' bhàrd ainmeal, Rob Donn.

Rugadh Rob ann an 1714 's thug e iomradh air na h-atharrachaidhean mòra a thàinig air saoghal nan Gàidheal anns an 18mh Linn.

Mar a tha Magaidh NicFhionghuin ag aithris, tha Urras Coimhearsnachd Dùthaich MhicAoidh a-niste air buidheann fhastadh airson fiosrachadh mun bhàrd a thoirt am follais ann an slìghe ùr 'Trailing Donn'.