Co-chomhairle mu cheannach coimhearsnachd

  • 13 An Dàmhair 2017
Port Rìgh

Thèid co-chomhairle a chumail air am bu chòir dhan choimhearsnachd pìosan fearainn timcheall air baile Phort Rìgh a ghabhail os làimh.

Fhuair Urras Phort Rìgh agus a' Bhràighe £20,000 bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Tha na còig pìosan fearainn, a' gabhail a-steach dà raon-cluiche, an-dràsta fo shealbh Fearann Eilein Iarmainn.

"Tha còig pìosan ann an-dràsta - am Meall, Pàirc nan Laoch far am bi iad a' cluiche iomain, Pàirc a' Bhàigh far a bheil beagan parcaidh, tha talamh croitearachd shuas an Siùlasiadar, agus tha raon-cluiche KG5," thuirt Myra NicLeòid aig Urras Phort Rìgh agus a' Bhràighe.

A' Choimhearsnachd

"Tha bliadhnaichean a-niste bhon bhruidhinn Fearann Eilein Iarmain rinn mu dheidhinn seo a thoirt seachad.

"Tha sinn an dòchas ma tha a' choimhearsnachd ga iarraidh gun tachair sin.

"Bidh sinn gan ceannach, ach bidh sinn an dòchas gum faigh sinn airgead bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.

"Tha iad air beagan airgid a thoirt dhuinn an-dràsta ach am faod sinn bruidhinn ri daoine anns a' choimhearsnachd aig a bheil ùidh anns na h-àiteachan a tha sin.

"Anns an t-Samhain 's an Dùbhlachd, tha sinn an dòchas gum faigh sinn feadhainn a bhruidhneas ri daoine sa choimhearsnachd mar an fheadhainn a bhios a' cleachdadh Pàirc nan Laoch, na croitearan agus daoine eile.

"Tha fhios agam, an raon-cluiche KG5, tha buidheann ann a tha ag iarraidh barrachd feum a dhèanamh den àite sin.

"Slaodaidh iadsan a h-uile càil ri chèile.

"Chan e an t-Urras a nì suas an inntinn mu dheidhinn idir. 'S e a' choimhearsnachd.

"'S ann airson na coimhearsnachd a tha seo, agus daoine san àite fhèin a tha ag iarraidh feum a dhèanamh dheth.

"B' urrainn barrachd a dhèanamh. Nuair a tha uachdaran ort, glè thric chan eil iadsan ag iarraidh càil a bharrachd a dhèanamh.

"Ach ma tha e agad fhèin, 's urrainn dhut barrachd a dhèanamh leis," thuirt i.