Sgoil ùr do dh'Inbhir Nis?

  • 13 An Dàmhair 2017
Bun-Sgoil an Tuilm Image copyright Richard Dorrell/Geograph

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd co-luadar poblach a chur air dòigh feuch am bu chòir sgoil ùr a thogail ann an Inbhir Nis.

Dh'fhaodadh gun tèid sgoil ùr a thogail air taobh a deas a' bhaile an ceann trì bliadhna.

Tha an naidheachd seo a' tighinn agus bun-sgoiltean Inbhir Nis làn no a' cur thairis le sgoilearan.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh dheth gum bi a thrì uimhir de sgoilearan a' frithealadh Bun-Sgoil an Tuilm air taobh a deas a' bhaile an ceann deich bliadhna.

Tha stiùiriche foghlam an ùghdarrais, Uilleam Alexander, a-niste a' moladh bun-sgoil ùr a thogail ann an sgìre Thaobh Nis.

Thèid iarraidh air comhairlichean taic a chur ri seo agus co-luadar pobach a chur air dòigh.

Chan eil Mgr Alexander ge-tà, ag innse dè cho mòr 's a bhiodh an sgoil ùr.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean Diciadain seo tighinn, tha e ag ràdh gum bi sin a rèir co-dhiù thèid crìochan na bun-sgoile aig an Tuilm atharrachadh.

Tha Mgr Alexander a' dèanamh dheth gum faodadh gum bi sgoil ùr anns an sgìre taobh a-staigh trì bliadhna.