Dà ionad turasachd sna h-Eileanan Siar a' dùnadh

  • 13 An Dàmhair 2017
Bàgh a' Chaisteil
Image caption Tha ionad Bhàgh a' Chaisteil agus ionad Loch nam Madadh am measg nan ionadan a thèid a dhùnadh.

Tha VisitScotland ag ràdh gum bi mar a dhùineas iad dà thrian de na h-ionadan fiosrachaidh aca na chuideachadh ann a bhith a' frithealadh air feumalachdan an t-sluaigh.

Bidh faisg air 40 ionad a' dùnadh uile gu lèir, agus anns na h-Eileanan an Iar, bidh an dà chuid Loch nam Madadh, agus Bàgh a' Chaisteal nam measg.

Tha ceist ann cuideachd dè seòrsa cruth a bhios air seirbheisean ann an Leòdhas agus an Hearadh.

"Sna h-Eileanan Siar, tha sinn a' coimhead ris na th' againn an-dràsta, agus dè an cleachdadh a tha daoine a' dèanamh orra," thuirt Manaidsear nan Eilean aig Visit Scotland, Ailean MacChoinnich.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil lùghdachadh air tighinn air na tha a' tighinn tarsainn air na stairsich, agus tha sinn a' faicinn gu bheil tòrr a bharrachd dhaoine airson a bhith a' cleachdadh nam meadhanan sòisealta, a bhith a' cleachdadh nam fònaichean aca agus a bhith a' cleachdadh mheadhanan eile.

"Tha sinn airson a bhith air adhart air a' gheama a tha sin, a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' faighinn an fhiosrachaidh far a bheil iad," thuirt e.