Am Mòd a' tòiseachdainn

  • 13 An Dàmhair 2017
Farpaisich òga a' Mhòid Image copyright Johnpaul Peebles

Tòisichidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar oidhche Haoine.

Tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gur e seo am Mòd as motha ann an deich bliadhna a rèir àireamh nam farpaiseach.

Tha am Mòd a' tilleadh a Loch Abar airson an ochdamh turais.

Eadar clann agus inbhich, tha 3,600 farpaiseach a' gabhail pàirt am-bliadhna.

Nam measg tha còisir às na Stàitean Aonaichte air a bheil Seirm.

Tha barrachd chòisirean a' farpais am-bliadhna na bha an-uiridh, agus tha iad sin a' cur ri àireamh nan inbheach.

Is coltach gu bheil mar a tha an Comunn Gàidhealach agus Fèisean nan Gàidheal air a bhith a' dol a-steach dha na sgoiltean air an àireamh de dh'fharpaisich òga àrdachadh cuideachd.

Tòisichidh am Mòd le caismeachd lòchrannach tron bhaile oidhche Haoine.