Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sally-Anne Jones

Tha e air a thuigsinn gun deach Sally-Ann Jones, Breatannach a bha a' brosnachadh dhaoine gus a dhol a shabaid dhan Stàit Islamaich, a marbhadh ann an ionnsaigh dhròin ann an Siria. Tha e air aithris gun deach Jones, a bha aithnichte mar a' Bhanntrach Bhàn, agus a mac, a mharbhadh nuair a loisg itealan Aimeireaganach orra faisg air a' chrìch le Iorac. Dhiùlt Riaghaltas Bhreatainn dad a ràdh mu na h-aithrisean.

Drugaichean

Chaidh heroin, cocaine agus cainb luach còrr is sia fichead mìle not a chur an grèim le poilis ann an Obar Dheathain. Chaidh na drugaichean a lorg feasgar an-dè ann an togalach ann an sgìre Ferryhill den bhaile, còmhla ri còrr is ochd deug mìle not de dh'airgead. Chaidh fireannach aois dà bhliadhna fichead à Lunnainn a chur an grèim agus tha duil gun nochd e ann a Cùirt an t-Siorraidh ann an Obar Dheathain an-diugh fhathast.

Luchd-smàlaidh

Tha an àireamh de luchd-smàlaidh a tha a' dol far an obair 's iad a' fulang chuideam-inntinn air èirigh a' chòig uimhir ann an trì bliadhna. Tha àireamhan a fhuair am Pàrtaidh Tòraidheach ann an Alba a' sealltainn gun do dh'èirich na h-àireamhan bho sheachd duine fichead anns a' bhliadhna bhon a chaidh na seirbheisean roinneil a thoirt còmhladh mar aon bhuidhean nàiseanta - gu sia fichead sa seachd deug an-uiridh. Tha Aonadh an Luchd-smàlaidh ag ràdh gu bheil cuideam-inntinn gu h-àraid na thrioblaid am measg mhanaidsearan agus àrd mhanaidsearan na seirbheis.

Dachannan cùraim

Thuirt aon de na companaidhean as motha a tha a' tabhann cùraim do sheann daoine ann an Alba gu bheil iad a' dol a dhùnadh na taighean-cùraim còmhnaidh aca air fad. Tha Beild, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, ag ràdh gun tèid dusan dachaigh a dhùnadh ann an seachd roinnean còmhairle. Tha ceannardan Beild ag ràdh gu bheil uallaichean ionmhasail a' ciallachadh gum feum atharrachadh a dhèanamh air mar a tha a' chompanaidh ag obarachadh.

Murt

Chaidh fear a chur an grèim co-cheangailte ri bàs fhireannaich ann an Glaschu air an deireadh-sheachdain. Chaidh Mario Tony Capuano, a bha ochd bliadhna fichead, a shàthadh gu bàs nuair a' fhreagair e an doras aig togalach ann a sgìre Bharr a' Mhullaich Là na Sàbaid. Tha dùil gun nochd fear aois dà bhliadhna fichead ann a Cùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu feasgar.

Biastan-dubha

Tha poilis anns na h-Eileanan Siar a sireadh fiosrachaidh as dèidh dhaibh aithrisean fhaighinn mu chù a' toirt ionnsaigh air biastan-dubha ann an Uibhist a Tuath. Tha iad ag ràdh gun deach cù huscaidh fhaicinn a' dol a dh'ionnsaigh na beathaichean air Tràigh Chlachain Shannda sa madainn Dimàirt. Tha oifigearan airson bruidhinn ri fireannach a chaidh fhaicinn ann an cuideachd a' choin. Tha iad ag ràdh gun robh e a' dràibheadh bhan dhubh Volkswagen a bha clàraichte sa Ghearmailt, agus tha iad ag iarraidh air neach sam bith le fiosrachadh fòn a chur gu stèisean nam poileas ann am Beinn na Fadhla air àireamh 101.