Briseadh dùil do Chiseòrn

  • 12 An Dàmhair 2017
Gàrradh Chiseòirn
Image caption Tha còrr 's 20 bliadhna ann bho chaidh an doc aig Gàrradh Chiseòirn a chur gu feum mu dheireadh.

Thuirt a' chompanaidh aig a bheil seann ghàrradh ola Chiseòirn gur e briseadh dùil uabhasach a th' ann dhaibh nach eil fios cinnteach ann fhathast cuin no co-dhiù an tèid pàirtean den tuath-ghaoithe aig muir as motha san t-saoghal a thogail ann.

Bha dùil gum biodh 200 cosnadh an cois na h-obrach agus gun tòisicheadh an obair as t-Samhradh.

Tha còrr 's 20 bliadhna ann bho chaidh an doc aig Gàrradh Chiseòirn a chur gu feum mu dheireadh.

Na bu tràithe den bhliadhna fhuair iad cùmhnant airson cruinn a thogail dhan thuath-ghaoithe.

Ach dh'innis a' chompanaidh Kincardine Offshore Wind Eta gu bheil duilgheadas mòr aca leis a' phròiseact.

Tha dàil air a' chùmhnant ri linn.

Ann am brath-naidheachd ge-tà, thuirt iad gu bheil iad fhatahst gu tur air cùl a' phròiseict.

Thuirt fear de stiùirichean Gàrradh Chiseoirn, Sìm Ruiseal, gun do chosg iad £1m ag ullachadh airson a' chùmhnant, agus gur e briseadh dùil uabhasach a th' anns an naidheachd.

Tha dòchas aige fhathast ge-tà, gun tèid na cruinn a thogail aig a' ghàrradh.