Rabhadh mu shochairean

  • 11 An Dàmhair 2017
Gun dachaigh Image copyright Getty Images

Thàinig rabhadh gum faodadh an Creideas Coitcheann agus atharrachaidhean eile ann an sochairean àrdachadh a thoirt air an àireamh de dhaoine a tha gun dachaigh ann am Moireibh.

Thèid iarraidh air comhairlichean aontachadh an ath-sheachdain air mar a bu chòir dèiligeadh ri daoine a tha gun dachaigh san sgìre.

Tha an aithisg a thèid air beulaibh Comataidh nan Coimhearsnachdan Dimàirt a' sealltainn gu bheil an àireamh de dhaoine a dh'innis gun robh iad gun dachaigh ann an sgìre Mhoireibh air a dhol sìos anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh gu beagan is 550 anns a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh.

Lùghdachadh

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an lùghdachadh ceangailte ri obair-dìon, agus roghainnean taigheadais nas fharsainge.

Thèid iarraidh air comhairlichean ge-tà, ceumannan a ghabhail gus dèiligeadh ri daoine a tha gun dachaigh, mar phàirt de ro-innleachd taigheadais an ùghdarrais.

An Creideas Coitcheann

Tha an aithisg a' toirt rabhaidh seachad mu bhuaidh a' Chreideis Choitchinn, agus na h-atharrachaidhean a tha a' tighinn air sochairean.

Thuirt oifigich gum bi iad a' cumail sùil gheur air buaidh nan atharrachaidhean.