Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha an Seansalair, Philip Hammond, air rabhadh a thoirt gu bheil Brexit air sgleò de mhì-chinnt fhàgail os cionn eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte. A' toirt fianais do Bhuill-Phàrlamaid air Comataidh Roinn an Ionmhais, thuirt Mgr Hammond gu bheil teagmhan mun adhartas a bha còmhraidhean leis a' chòrr de dhùthchannan an EU a' dèanamh a' cur bacadh air gnìomhachasan ann am Breatainn bho a bhith a' cur airgid an sàs.

Prìsean Chumhachd

Dh'fhoillsich Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, gun tèid sgeama a tha a' cuingealachadh nan cunntasan cumhachd aig daoine so-leònte, a leudachadh gu millean neach eile anns a' Ghearran an ath-bhliadhna. Tha dùil gun sàbhail seo suas ri £120 sa bhliadhna do dhaoine, agus e air tighinn air thoiseach air an Riaghaltas a bhith a' foillseachadh a' chiad dreach de reachdas air a bhith a' cuingealachadh phrìsean chumhachd anns an fharsainneachd.

Taic-Stàite Ath-Nuadhachail

Agus thuirt Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar gun d' fhuair e dearbhadh gun do thagair Riaghaltas Westminster chun a' Choimisein Eòrpaich airson cead taic-airgid stàite a thoirt do phròiseactan chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan. Thuirt Aonghas Brianan MacNèill gur e ceum gu math cudromach a tha seo ann a bhith a' leasachadh chumhachd uaine Eileanaich agus gu bheil e gan cumail air chùrsa airson an rùp ann an 2019 nuair a thèid na cùmhnantan a reic.

Myanmar

Chuir Oifis Chòirichean Daonna an UN às leth feachdan armaichte Myanmar gu bheil iad a' feuchainn ris am mion-chinnidh Mhuslamach na Rohingya, a sgiùrsadh a-mach às an dùthaich uile gu lèir. Tha aithisg bho na Dùthchannan Aonaichte ag ràdh gu bheil na h-ionnsaighean air coimhearsnachdan Rohingya air a bhith "borb agus eagarrach", agus gun deach bailtean agus bàrr a sgrios a dh'aona-ghnothaich airson stad a chur air fògarraich bho bhith a' tilleadh dhachaigh.

Càraichean Iapanach

Tha na companaidhean chàraichean as motha ann an Iapan ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri measadh a dhèanamh air inbhe nan carbadan aca agus a' chompanaidh Kobe Steel air aideachadh gun do dh'innis iad breugan mu chàileachd an cuid mheadailtean. Tha e air aithris gu bheil seo a' toirt buaidh air càraichean bho Toyota, Nissan, Honda, Mitsubishi, Subaru agus Mazda.

Catalunia

Cumaidh Prìomhaire na Spàinne, Mariano Rajoy, coinneamh naidheachd a dh'aithghearr a mhìneachadh dè tha an Riaghaltas aige am beachd a dhèanamh mu Chatalunia. An-dè chuir Ceann-Suidhe Chatalunia, Carles Puigdemont, ainm ri foirgheall neo-eisimeileachd. Ach chuir e dàil air a bhith ga chur an gnìomh agus e ag ràdh gu bheil e airson còmhraidhean a chumail ri Madrid an toiseach.