Oidhirp an NC500 a leasachadh

  • 11 An Dàmhair 2017
Rathad Costa a Tuath 500

Tha oidhirp air tòiseachadh tuilleadh fiosrachaidh a thoirt do luchd-turais air an t-slighe 'Costa a Tuath 500' (NC500) mu na rudan a tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh san sgìre.

Tha co-obrachadh eadar a' bhuidheann turasachd VisitScotland agus buidheann leasachaidh an NC500 a' ciallachadh gum faigh 261 gnothachas trèanadh agus taic a bharrachd.

Gheibhear na gnothachasan inbhe 'Luchd-Pàirt Fiosrachaidh VisitScotland' (VIP) an asgaidh.

Mar phàirt den iomairt, thèid na gnothachasan a tha a' gabhail pàirt a shanasachd air làraich-lìn VisitScotland air a bheil còrr is 20m neach a' tadhal gach bliadhna.

Bidh trèanadh ri fhaighinn an lùib a' phròiseict agus gheibhear bùird fhiosrachaidh ùra 'son ghoireasan turasachad agus tachartasan a mhargaidheachd nas fheàrr.

Thuirt Stiùiriche Roinneil VisitScotland, Chris Mac an Tàilleir gu bheil na dòighean anns a bheil luchd-tadhail airson fiosrachadh fhaighinn ag atharrachadh.

"Bidh daoine a' lorg fiosrachaidh air loidhne, aig tachartasan agus fèisean, agus bidh iad 'son bruidhinn ris na daoine far a bheil iad a' fuireach.

"Mar sin tha sinn a' feuchainn ri obrachadh ris na gnothachasan sin a tha an sàs gus am fiosrachadh a thoirt seachad, an cuideachadh gus sin a dhèanamh agus ga dhèanamh nas fhasa tro trèanadh agus taic agus a' cuideachadh a' togail inbhe nan gnothachasan a tha a' dèanamh seo gu math."