Sealbh air Ulbha ceum nas fhaisge

  • 10 An Dàmhair 2017
Ulva

Chaidh cead a thoirt do bhuidhean, an t-iarrtas aca gus Eilean Ulbha faisg air Muile a cheannachd, a chlàradh.

Tha Urras Coimhearsnachd Iar Thuath Mhuile airson an eilean a cheannach, gus daoine ùra a thàladh ann, agus piseach a thoirt air an eaconamaidh.

Le meud mu 7 mìle cearnagach, tha Eilean Ulbha far chosta Mhuile.

Thug Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, iomradh air na planaichean aig Co-labhairt Phartaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Glaschu Dimàirt.

Thuirt i gun deach cead a thoirt dhan Urras le ministearan an t-iarrtas aca a chlàradh gu h-oifigeil.

Ath-Leasachadh Fearann

Tha Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003 a' toirt còir do choimhearsnachdan an toiseach an t-iarrtas aca gus fearann a cheannachd, a chlàradh.

A-rèir an t-suidheachaidh, dh'fhaodadh a' choimhearsnachd an uairsin smachd fhaighinn air an fhearann.

Chaidh Eilean Ulbha a' chuir air a mhargaidh as t-samhradh le Jamie Howard aig a bheil e an-dràsta.

Eachdraidh

Tha an t-Eilean air a bhith ann an làmhan an teaghlaich fad còrr is 70 bliadhna.

Chan eil a-nis ach sianar a' fuireach air an eilean.

Ach bho chionn 200 bliadhna, bha còrr is 500 neach a' còmhnaidh ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo