Taic-airgid do choimhearsnachdan an sgìrean turasachd

Chaidh planaichean luach £6m fhoillseachadh 'son cuideachadh a thoirt do sgìrean dùthchail aig a bheil trioblaidean ri linn àireamhan mòra de luchd-turais.
Dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, na planaichean aig Co-labhairt Phartaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Glaschu Dimàirt.
Tha gearainean air nochdadh bho ghrunn choimhearsnachdan gu bheil iad a' cur thairis aig amannan agus gu bheil feum air goireasan nas fheàrr do luchd-turais.
Nam measg, nochd iarrtasan 'son leasachaidhean air rathaidean, goireasan pàircidh agus taighean-beaga.
Outlander
Tha dùil gun tèid a' mhaoin-airgid a chur air bhonn tràth an ath bhliadhna.
Thuirt am Prìomh Mhinistear gu bheil rudan mar a' phrògram 'Outlander' a' tàladh barrachd dhaoine a dh'Alba.
Dh'iarradh cuid gun tèid cìs turasachd a chur an sàs anns an Eilean Sgitheanach.
Ach thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh i ag aithneachadh gun robh cuideam air seirbheisean ionadail ann an grunn sgìrean de dh'Alba.
Dh'fhoillsich i gum bi cothrom aig coimhearsnachdan tagradh a dhèanamh airson an taic-airgid, ann an co-bhuinn le Comhairlean.
Thuirt i gun robh i airson cothrom a thoirt do bharrachd dhaoine "an dùthaich as bòidhch' air an t-saoghal fhaicinn".