Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùiltearachd

Tha oifigear bho Fheachd nan Crìochan am measg dusan neach a chaidh a chur an grèim mar phàirt de dh'iomairt an aghaidh buidhne eucorra a tha fo amharas gun robh iad a' cùiltearachd dhrogaichean agus ghunnaichean a-steach a Bhreatainn. Chaidh an t-oifigear, a tha 36 à sgìre Dover, agus triùir Bhreatannach eile a chur an grèim le poilis Fhraingeach faisg air Calais Dihaoine. Chaidh an glacadh le 11 gunna-làimhe, 34 cìlo de chocaine, agus seachd cìlo de heroin. Goirid às dèidh sin chaidh ochdnar eile a chur an grèim aig seòlaidhean ann an Kent. Tha dùil gun nochd iad ann an Cùirt nam Maighstirean Lagha ann am Barkingside an-diugh fhathast.

Co-labhairt an SNP

Air an dàrna là de cho-labhairt an SNP ann an Glaschu, iarraidh Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, air an t-Seansalair cur às dhan chasg air àrdachaidhean pàighidh anns an roinn phoblaich. An-dè dh'fhoillsich Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, bursaraidh luach £20,000 airson daoine a th' airson an dreuchd aca atharrachadh gu teagasg mar dhòigh air atharrachadh ri gainnead thidsearan ann an Alba.

Brexit

Bheir Therersa May iomradh do Bhuill-Phàrlamaid an-diugh air an ìre aig a bheil Còmhraidhean Bhrexit. Canaidh am Prìomhaire gu bheil e a-niste an urra ri barganaichean an EU beagan sùbailteachd a nochdadh às dèidh na ghèill i anns an òraid aice ann am Florence air a' mhìos a chaidh.

Afganastan

Thuirt Comataidh Eadar-Nàiseanta na Croise Deirge, gun geàrr iad air ais gu mòr air na th' aca de dhaoine ann an Afganastan. Chaidh na h-uimhir de luchd-obrach a mharbhadh ann an ionnsaighean bho thoiseach na bliadhna, le cuid eile gan toirt am bruid. Thèid oifisean na buidhne ann am Maimana agus Kunduz a dhùnadh, leis an iomairt ann am Mazar-i-Sharif ga lùghdachadh.

Mosgan

Sheall figearan ùra gu bheil an àireamh de dh'ionnsaighean gràin creidimh air mosgan Bhreatainn air còrr is dùblachadh ann am bliadhna. A rèir àireamhan bho fheachdan poilis na Rìoghachd Aonaichte, chaidh 110 ionnsaigh a thoirt air mosgan ann an diofar phàirtean den dùthaich eadar am Màrt agus an t-Iuchar am-bliadhna. Tha sin an-àirde bho 47 thairis air an aon àm a' bhòn-uiridh.

Modaràtar

Chaidh an t-Urr. Susan Brown ainmeachadh mar an ath-Mhodaràtar a bhios air Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba. Gabhaidh an t-Urr. Brown, a tha na ministear aig Cathair-Eaglais Dhòrnaich, thairis an dreuchd anns a' Chèitean. 'S i an ceathramh boireannach a chaidh a thaghadh mar Mhodaràtar leis an eaglais.

Taighean-Staile

Agus thèid dà thaigh-staile a dhùin bho chionn còrr is 30 bliadhna, fhosgladh às ùr leis a' chompanaidh deoch Diageo. Cosgaidh a' chompanaidh £35m air na taighean-staile ann am Port Ilein an an Ìle, agus Brùra air taobh sear Chataibh.