Dà sheann taigh-staile gam fosgladh as ùr

  • 10 An Dàmhair 2017
Baraillean uisge-bheatha Image copyright Getty Images

Thèid dà sheann thaigh-staile fhosgladh a-rithist ann an Cataibh agus an Ìle.

Cosgaidh a' chompanaidh mhòr Diageo £35m ag ullachadh seann taighean-staile Brùra an Cataibh agus Phort Illein an Ìle .

Leis nach eil uisge-beatha co-mheasgaichte a' reic cho math 's a bha e, tha companaidhean a' sìor thionndadh gu barrachd de Mhac na Braiche a dhèanamh.

Tha a' chompanaidh Diageo a' dèanamh dà thrìan de dh'uisge-beatha na h-Alba agus tha iad air a bhith a' leudachadh thaighean-staile agus a' togail feadhainn ùra.

Baraillean

Dhùin Brùra agus Port Illein bho chionn 34 bliadhna.

Tha botail às na baraillean mu dheireadh a rinneadh annta gan reic am-bliadhna 'son còrr is £2,000 an urra.

Tha Diageo airson uisge-beatha ùr a dhèanamh a tha cho coltach ris an t-seann uisge-beatha a rinneadh anns an dà thaigh-staile 's a ghabhas dèanamh.

Tha dùil aca tòiseachadh ga dhèanamh an ceann trì bliadhna.

Ach bheir e bliadhnaichean mòra mus bi fios aca air dè cho faisg 's a thèid iad air an t-seann stuth.