Calum & Co sa Chuimrigh

  • 6 An Dàmhair 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
TNS is Eilginn.

Le aire luchd-leantainn a' bhuill-coise ann an Alba air Slòbhenia Didòmhnaich, bidh cluicheadair às a' Ghàidhealtachd cuideachd a' dol an sàs ann am farpais eadar-nàiseanta air an deireadh-sheachdain.

Tha Cupa Dùbhlain na h-Alba air an treas chuairt a ruighinn, is Calum Fearghasdan is an còrr aig Elgin City a' cluich an aghaidh na sgioba as fheàrr sa Chuimrigh.

Tòisichidh cùisean oidhche Haoine is Dùn Bhreatainn a' cur fàilte air an t-Sròn Reamhair.

Bidh dà gheama beò air an telebhisean Disathairne.

Chìthear geama air BBC ALBA aig 5:15f is Linfield à Béal Feirste a' siubhail a chluiche Dundee United aig Tannadice.

Ron sin, bidh Eilginn a' dol an aghaidh na New Saints Of Oswestry Town à Lìog na Cuimrigh air S4C aig 4:30f.

Neart

Chuir na New Saints Baile Dhùn Lèibhe a-mach às an fharpais air breaban-peanais sa chuairt mu dheireadh, is ràinig iad an iar-chuairt dheireannach an-uiridh, a' chiad bhliadhna a bha sgiobaidhean à dùthchannan a bharrachd air Alba air cluiche san fharpais.

Bidh na h-uimhir de mhisneachd aig Eilginn às dèidh dhaibh Bray Wanderers às Èirinn a chur a-mach às an fharpais mar-thà.

Tha iad a' siubhail gun mhanaidsear, ge-tà, is Jim Weir air gluasad gu Forfar.

Tha fios aig Calum gum bi e doirbh.

"Tha fios againn gur e sgioba gu math làidir a th' annta is gu bheil iad air tòrr de na geamaichean aca a bhuannachadh", thuirt Calum.

"Tha iad air cluiche anns na cuairtean dearbhaidh den Champions League is tha sin a' sealltainn na h-ìre a th' aca.

"Geama uabhasach fhèin mòr, is tha mi an dòchas gun urrainn sinn tighinn a-mach is an geama a bhuannachadh", thuirt e.