20 bliadhna de FTMG aig Bun-Sgoil Chondobhrait

  • 6 An Dàmhair 2017
Condorrat Primary School Image copyright Condorrat Primary School

Tha 20 bliadhna bho thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Bun-Sgoil Chondobhrait ann an Comar nan Allt ga chomharrachadh.

Tha iomadh rud air a bhith a' tachairt san sgoil agus Seachdain na Gàidhlig ga cumail.

Thuirt iar-cheannard na sgoile, Marina NicLeòid, gu bheil tòrr air a bhith a' dol aca gus 20 bliadhna a chomharrachadh.

''Tha sinn air diofar rudan a chur air dòigh. Tha còisir na sgoile air a bhith a' dol timcheall dhachannan-cùraim ann an Comar nan Allt gus òrain a sheinn dhaibh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.''

''Tha Artair Donald air a bhith san sgoil gus bùithdean-obrach drama a dhèanamh dhuinn, tha sin a' còrdadh ris a' chloinn,'' thuirt i.

Tha consairt gu bhith anns an sgoil Dihaoine far am bi na sgoilearan a' seinn agus a' cluiche ciùil.

Thèid aig teaghlaichean air pàirt a ghabhail ann an cuairt timcheall Dùn a' Bhàrr ann an Comar nan Allt Disathairne. Tha Ruairidh Greumach bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba gu bhith còmhla ris a' bhuidhinn. Bidh a' chuairt seo air a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.

Thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-Sgoil Chondobhrait ann an 1997.

Aig an àm sin, bha seachdnar ann an P1 agus dithis ann am P2. Tha faisg air 200 a-nis a' faighinn foghlaim Ghàidhlig san sgoil.

Luach sa Ghàidhlig

Thuirt iar-cheannard na sgoile gu bheil leudachadh air tighinn air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre thairis air na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

''A-nise cuideachd tha Àrd-Sgoil Greenfaulds ann, tha tòrr sgoilearan an sin.''

''Tha Sgoil-Àraich Bràigh na Cìse ann cuideachd. Le sin, tha an t-uabhas chloinne againn ann an Siorrachd Lannraig a Tuath a th' ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.''

''Tha cùisean air gluasad air adhart gu mòr bho thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha pàrantan agus teaghlaichean a' tuigsinn an luach a th' ann an Gàidhlig agus ann an cultar na Gàidhlig.''

''Tha iad a' faicinn cho math 's a tha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' dèanamh.''

Thuirt Marina NicLeòid gu bheil foghlam Gàidhlig a' dol am meud ann an Siorrachd Lannraig a Tuath agus gu bheil iarrtas air a shon a' cumail air a' fàs.