Poilis nas fhaicsinniche sa Ghearasdan

  • 6 An Dàmhair 2017
Seacaid Phoilis

Dh'innis na Poilis sa Ghearasdan gum bi iad nas fhollaisiche air sràidean a' bhaile bho seo a-mach.

Chaidh draghan a thogail san sgìre mu dheidhinn dol-a-mach mì-shòisealta.

Bidh na Poilis gu sònraichte ann an àiteachan sa Ghearasdan agus ann an Inbhir Lòchaidh far a bheil trioblaidean mar sin air a bhith cumanta.

Bruidhnidh na h-oifigearan ri daoine òga, feuch toirt orra gun a dhol an sàs ann an dol-a-mach mì-shòisealta.

Am measg nan draghan a chaidh a thogail, bha gun deach milleadh a dhèanamh, gu bheil daoine air a bhith a' dol far nach eil còir aca, agus gu bheil àireamh mhòr de dhaoine òga air a bhith a' coinneachadh ann an àiteachan sònraichte.

Thuirt an t-Inspeactair Isla Chaimbeul gu bheil còir aig pàrantan fios a bhith aca càite a bheil an cuid chloinne, cò a tha còmhla riutha, agus dè tha iad a' dèanamh, gus a bhith cinnteach gu bheil iad sàbhailte.