Barrachd a' tadhal air làraichean eachdraidheil

  • 6 An Dàmhair 2017
Caisteal Urchadain Image copyright Stuart Phethean
Image caption Caisteal Urchadain air bruach Loch Nis.

Bha an àireamh dhaoine a thadhail air làraichean eachdraidheil air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan aig an ìre a b' àirde riamh am-bliadhna.

Sheall figearan ùra bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba gur e an Lùnastal a' mhìos a bu thrainge a bh' aca a-riamh.

Bha Caisteal Urchadain agus Dùn Deòrsa am measg nan àiteachan as trainge air a' Ghàidhealtachd.

Thadhail 405,388 duine air Caisteal Urchadain eadar an Giblean agus an t-Sultain - àrdachadh de 26% bhon aon àm ann an 2016.

Thàinig àrdachadh de 24% air an àireamh de dhaoine a thadhail air Dùn Deòrsa.

Bha bliadhna shoirbheachail anns na h-Eileanan Siar cuideachd.

Thadhail 6,655 duine air Caisteal Chiosmail ann am Barraigh eadar an Giblean agus an t-Sultain.

Chaidh 14,684 neach dhan Taigh Dubh ann an Àrnol an Leòdhas. 'S e àrdachadh de 5% a bha sin, bhon aon àm ann an 2016.

Fosgailte nas fhaide

Thuirt Àrd-Oifigear Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Alex MacPheadrais, gu bheil cùisean air a bhith fada nas fheàrr dhaibh ann an 2017 na bha iad an dùil.

''Gus cuideachadh leis an àireimh mhòir de dhaoine a tha a' tadhal air na làraichean againn, tha sin a' cumail nan dorsan fosgailte nas fhaide san Damhair.''

''Bheir seo cothrom a bharrachd do dhaoine na làraichean againn fhaicinn.''

''Bho Chaisteal Dhùn Èideann gu Skara Brae, tha làraichean eachdraidheil air feadh Alba a' tarraing barrachd is barrachd luchd-turais gach bliadhna.''

Bha còrr is 3.8m duine aig na làraichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an 2017, le 70 làrach aca air feadh na dùthcha.