"Fada cus" a' cur làimh nam beatha fhèin

  • 5 An Dàmhair 2017
Duine a' cromadh

Tha sagart aig àrd-ìre air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh gun tèid dòigh ùr a chleachdadh gus an àireamh de dhaoine a tha a' cur làimh nam beatha fhèin a ghearradh gu tur.

Thuirt an t-Ath. Urr. Seumas Bell, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, gu bheil an àireamh de dhaoine a tha a' cur làimh nam beatha fhèin san sgìre fada ro àrd.

Thuirt Mgr Bell gun robh e os cionn cus thòrraidhean de dhaoine a chuir làmh nam beatha fhèin is a dh'fhaodadh, na bheachd, a bhith air an sàbhaladh.

Tha feum air cùram tòrr nas fheàrr, thuirt e, do dhaoine a tha a' fulang le trioblaidean inntinn.

Tha Mgr Bell a' moladh cuideachd gun tèid sgeama a rinn feum mòr ann an Detroit a chur an sàs an seo.

Tha an sgeama ag amas air taic is cuideachadh a thoirt do dhaoine a dh'fhaodadh a bhith a' fulang le trioblaidean inntinn glè thràth.

Tha sgrùdadh 'son trioblaidean inntinn ga dhèanamh air euslaintich a tha a' tighinn dhan dotair le tinneasan eile, m.e. tinneas an t-siucair no tinneas cridhe.

Rinn seo feum mòr ann an Detroit, is tha cuid de sgìrean san Rìoghachd Aonaichte mar thà air feuchainn ris an aon sheòrsa rud a chur an sàs.

Thàinig na molaidhean bho Mhgr Bell is Coimisean na Slàinte Inntinne air càineadh a dhèanamh air NHS na Gàidhealtachd a thaobh mar a chaidh dèiligeadh le fireannach a chuir làmh na bheatha fhèin dà là an dèidh dha a bhith air a shaoradh bhon ospadal san sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile