Dìth rèidio-eòlaichean air a dheasbad aig Holyrood

  • 5 An Dàmhair 2017
Rèidio-eòlaichean Image copyright Science Photo Library

Chuala Pàrlamaid na h-Alba gu bheil euslaintich air a' Ghàidhealtachd a' feitheamh ro fhada airson cùram fhaighinn air sgàth dhuilgheadasan le rèidio-eòlaichean fhastadh.

Chaidh an gnothach a dheasbad aig Holyrood oidhche Chiadain.

Tha trioblaidhean air a bhith aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd le rèidio-eòlaichean fhastadh, 's dh'fhàg dithis luchd-obrach anns na sia mìosan mu dheireadh.

Dh'fhàg seo gun do chosg iad cha mhòr £300,000 air seirbheisean sgrùdaidh a dhèanamh ann an sgìrean eile.

Sgrìobh dotairean aig Ospadal an Ràthaig Mhòir dhan bhòrd shlàinte as t-Samhradh, is iomagain orra mun ghainnead a th' ann an roinn rèidio-eòlais an ospadail.

A' bruidhinn sa Phàrlamaid oidhche Chiadain, thuirt am BPA Gàidhealach Tòraidheach, Eideard Mountain, gu bheil dìth rèidio-eòlaichean air feadh na h-Alba a' toirt fìor dhroch bhuaidh air seirbheis na slàinte.

Thuirt Mgr Mountain gun deach an àireamh de sgrùdaidhean rèidio-eòlais ann an Alba suas 65% gach bliadhna eadar 2010 is 2016, ach nach deach an àireamh de rèidio-eòlaichean fhèin suas ach 1% gach bliadhna.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad air plana fastaidh ùr a dhealbh, agus tha Riaghaltas na h-Alba air £3m a bharrachd a chur a dh'ionnsaigh rèidio-eòlaichean a thrèanadh.

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gu bheil dùbhlain shònraichte ann a thaobh dreuchdan a lìonadh ann an sgìrean dùthchail.

Thuirt i ge-tà, gu bheil an Riaghaltas ag aithneachadh cho cudromach 's a tha obair rèidio-eòlaichean, is gu bheil iad ag obair còmhla ri Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile