Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sir Edward Heath

Chaidh rannsachadh air casaidean mu dhrabastachd chloinne an aghaidh an t-seann Phrìomhaire Tòraidheach, Sir Edward Heath, nach maireann, fhoillseachadh an-diugh. Thuirt Poilis Wiltshire, a bha os cionn an rannsachaidh, nam biodh Sir Edward beò, gum biodh iad air a cheasnachadh fo rabhadh mu shia de na casaidean. Thuirt iad ge-tà, gu bheil e fìor chudromach mothachadh ged a bhiodh iad air a cheasnachadh fo rabhadh, nach biodh sin a' fàgail ciont sam bith air.

Theresa May

Thuirt Sràid Downing nach eil Theresa May a' beachdachadh idir air a dreuchd fhàgail an dèidh òraid thubaistich an là an-dè aig co-labhairt nan Tòraidhean ann am Manchester. Tha àrd-mhinistearan an Riaghaltais a' cur an taic ris a' Phrìomhaire, 's coltas ann gu bheil tuilleadh de na Buill-Phàrlamaid Tòraidheach a' cur teagamh innte an dèidh na thachair an-dè.

Ryanair

Tha Ùghdarras Catharra nan Seirbheisean Adhair san Eadailt a' cur peanas air Ryanair. Thuirt an t-Ùghdarras nach do chùm Ryanair fiosrachadh ris am biodh dùil ri luchd-siubhail nuair a chuir iad stad air mìltean de sheirbheisean.

Cìs Adhair

Tha e coltach gum bi dàil anns a' phlana airson cìs adhair APD nas lugha ann an Alba. Bha Riaghaltas na h-Alba an dùil sin a dhèanamh tràth an ath-bhliadhna, ach chan eil ùine gu leòr aca a-niste airson cead an Aonaidh Eòrpaich fhaighinn. Bheir Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, fiosrachadh dhan Phàrlamaid feasgar.

Cuideachadh Bàis

Tha dùil ri riaghladh on Àrd-Chùirt air tagradh an aghaidh an lagh air cuideachadh gu bàs. Tha Noel Conway à Shrewsbury, a tha 67 agus air a bheil Motor Neurone Disease, ag iarraidh, na bhriathran fhèin, "bàs sìtheil le urram".

Catalunia

Tha Riaghaltas na Spàinne a' diùltadh còmhraidh ri Catalunia mu iarrtas na sgìre sin airson neo-eisimeileachd. Thuirt Ceann-Suidhe Chatalunia, Carles Puigdemont, gu bheil e an làn-dùil gun tèid buil an referendum, a dh'iarr sgaradh on Spàinn, a chur an sàs a dh'aithghearr.

Eaglais Shaor an Rubha

Thug Coimisean Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann cead do dhà choithional san Rubha ann an Leòdhas a dhol còmhla a-rithist. Bha sgaradh connspaideach sa choithional a bh' ann, bho chionn 50 bliadhna.