"Iongnadh" air Mac an t-Saoir a thaobh Chounty

  • 4 An Dàmhair 2017
Jim Mac an t-Saoir Image copyright SNS

Thuirt Jim Mac an t-Saoir nach robh dùil aige gun robh e a' dol a chall na h-obrach aige mar mhanaidsear Ross County.

Chaidh Mac an t-Saoir a chur às a dhreuchd ann an Inbhir Pheofharain an t-seachdain seo chaidh, is an sgioba san 10mh àite sa Phrìomh Lìog.

Bha e os cionn Chounty 'son trì bliadhna is bhuannaich iad Cupa na Lìge an 2016.

Thuirt Mac an t-Saoir gun robh deagh chàirdeas aige ri cathraiche Chounty, Roy MacGriogair, ach gu bheil e den bheachd gun robh cus cabhaig air MacGriogair an turas seo.

Iongnadh

"Cha robh fios agam gun robh seo a' tighinn", thuirt Mac an t-Saoir.

"Gu follaiseach b' e bristeadh-dùil mòr a bh' ann gur e seo an co-dhùnadh a rinn Roy.

"Bha toiseach-tòiseachaidh doirbh againn den t-seusan, ach bha geamaichean a' tighinn is bha sinn a' faireachdainn gum b' urrainn dhuinn puingean fhaighinn bhuapa.

"Chòrd e rium gu mòr a bhith ag obair còmhla ri Roy 'son trì bliadhna. Co-dhùnadh aigesan a bha seo: chan eil mise ag aontachadh leis.

"Tha sinn moiteil air an obair a rinn sinn aig County. 'S e an cluba a chumail sa Phrìomh Lìog an rud as motha a rinn sinn, chanainn, seach Cupa na Lìge a bhuannachadh.

"Bha Ross County math dhomhsa, ach bha mise math do Ross County cuideachd", thuirt e.

Còmhraidhean

Dh'innis Mac an t-Saoir gu bheil e air bruidhinn "gu neo-fhoirmeil" ris an Eaglais Bhric mu obair a' mhanaidseir an sin.

Thuirt e nach do bhruidhinn e ri Cille Mheàrnaig mun dreuchd acasan, ged a thuirt fear de stiùirichean a' chluba gum bu chòir do Mhac an t-Saoir cur a-steach air a son.

Chuir Ross County Owen Coyle ann an dreuchd a' mhanaidseir an àite Mhic an t-Saoir.

Bhuannaich Coyle a' chiad gheama aige 2-0 an aghaidh Chille Mheàrnaig.

Tha County cuideachd air Dàibhidh Kirkwood ainmeachadh mar Cheannard Phrògram Acadamaidh na h-Òigridh.

Chaidh Steaphan Fearghasdan ainmeachadh roimhe mar Stiùiriche na h-Acadamaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo