Càineadh air cùram euslaintich inntinne

  • 4 An Dàmhair 2017
Coimisean na Slàinte Inntinne Image copyright Google

Tha aithisg air mar a chaidh dèiligeadh le fireannach a chuir làmh na bheatha fhèin dà là an dèidh dha a bhith air a shaoradh bhon ospadal air Ghàidhealtachd air laigsean mòra a nochdadh.

'S iad Coimisean na Slàinte Inntinne a rinn an rannsachadh, air euslainteach air an tug iad Mgr QR.

Fhuair an euslainteach cùram airson mì-rian pearsantachd, agus bha comhairliche-leighis den bheachd gun robh e deiseil airson an t-aonad fhàgail.

Chàin an aithisg cuideachd an dòigh san deach a shaoradh bhon ionad, ag ràdh "nach gabhte ris idir".

Dhiagnòsaich comhairlichean-leighis gun robh an duine air toirt a chreidsinn gun robh tinneas-inntinne air.

Bhàsaich Mgr QR air 31mh là den Dùbhlachd 2014, sia mìosan às dèidh dha fhèin agus a bhean a bhith ann an conaltradh le seirbheisean slàinte inntinne.

Chaidh leth-bhreac de na Duilleagan Buidhe a thoirt dha le luchd-obrach an ospadail inntinne, a dh'innis dha a chleachdadh airson àite-fuirich a lorg dha fhèin.

Chaidh rabhadh a thoirt dha gun deadh na Poilis a ghairm mura fàgadh e an t-ospadal.

Fhuair an rannsachadh gun robh fios aig an sgioba chlinigeach gun robh Mgr QR ann an cunnart làmh a chur na bheath a fhèin.

"Tha còir aig a h-uile euslainteach, ge b' e dè an diagnòsas a fhuair iad, a bhith air an làimhseachadh le spèis agus urram, agus chan eil sinn den bheachd gun do thachair sin sa chùis seo," thuirt Mike Diamond, àrd-stiùiriche na h-obrach sòisealta aig Coimisean na Slàinte Inntinne.