An Clò Mòr sa chùirt nas trice

  • 4 An Dàmhair 2017
Clò Mòr

Tha an àireamh de chùisean-lagha ris am feum Ùghdarras a' Chlò Mhòir dèiligeadh a' sìor èirigh.

Tha sin ri linn 's mar a tha margaidean 'san àird an ear a' leudachadh.

Tha dìon sònraichte air a' Chlò Mhòr fo achd Pàrlamaideach ann an 1993.

Fon achd feumaidh an clò a bhith air fhighe agus ullachadh anns na h-Eileanan Siar, le suaicheantas oifigeil ga stampadh air a' chlò anns na muilnean airson sin a dhearbhadh.

Soirbheachas

Tha soirbheachas a' ghnìomhachais sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh a' fàgail gu bheil cuid a' feuchainn ri brath a ghabhail air.

Ged a tha seo a' cruthachadh barrachd obrach don Ùghdarras, tha Alasdair MacLeòid, a tha na bhall de bhuidhinn stiùiridh an Ùghdarrais, ag ràdh gur e deagh chomharra a th' ann.

"Tha cùisean air fàs nas duilghe an-diugh air sgàth 's gu bheil an eadar-lìon ann," thuirt e.

"Tha daoine a' reic an t-uabhas de chlò air an eadar-lìon - companaidhean beaga, companaidhean mòra - agus uaireannan bidh daoine a' briseadh an lagha.

"Tha an fheadhainn a tha ag obair dha Ùghdarras a' Chlò Mhòir, tha iad a' cumail sùil air sin fad na tìde.

"Uaireannan gheibh sinn fhìn air dèiligeadh ris. Uaireannan eile feumaidh sinn toirt a-stach an sgioba lagha a tha ag obair dhuinn ann an Glaschu.

"Tha sin a' cosg airgid. Gu h-àraid ma tha thu a' dèiligeadh ri companaidhean thall-thairis a tha a' briseadh an lagha co-cheangailte ris an achd a tha seo.

"Mar eismipleir, tha tòrr dheth sin a' tachairt ann an Sìona.

Smachd

"Agus chan eil e cho fearasta smachd a chumail air mar a tha daoine a' reic a' chlò, agus an t-seòrsa chlò a tha iad a' reic uaireannan a' toirt a chreidsinn gur e Clò Hearach a th' ann.

"Tha seo a' leantainn cho soirbheachail 's a tha an gnìomhachas an-diugh. Nuair a smaoineachas tu 2015 tha mi a' smaoineachadh gun deach 1.7 millean meatar de chlò a reic, 's e a' dol air feadh an t-saoghail.

"Tha sin a' toirt uallaich na chois. Uallach math ann an dòigh, ach uallach cosgail ann an dòigh eile.

"Ach feumaidh sinn cumail a' strì airson dèanamh cinnteach gum bi sinn a' leantainn nan riaghailtean co-cheangailte ris an achd," thuirt e.