Ùghdarrasan eileanach fon aon bhuidhinn

  • 4 An Dàmhair 2017
Togalach Comhairle nan Eilean Siar

Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air obair nan ùghdarrasan poblach anns na h-eileanan a chur còmhla fo aon bhuidhinn.

Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Bòrd Slàinte nan Eilean uile fon aon ùghdarras.

Tha seo mar phàirt den phrògram reachdais, 's iad cuideachd gu bhith dèanamh measaidh air seirbheisean poblach agus air an dòigh anns a bheil seirbheisean poblach gam lìbhrigeadh.

A-rèir Fhir-ghairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, tha a' chomhairle agus na h-ùghdarrasan eileanach eile air a bhith moladh seo bho chionn ùine.

Thuirt e: "Dh'fhosgail iad an doras 'son rud a bha a' chomhairle a' sireadh 'son iomadach bliadhna.

"Sin gun deadh na seirbheisean poblach gu lèir a tharraing le chèile seach gur e sgìre gu math beag, sgìre eileanach a th'ann.

"Agus bha sinn a' faicinn gur e dòigh nas èifeachdaiche a th'ann air seirbheisean a lìbhrigeadh dhan choimhearsnachd againn san dòigh sin.

Ach thuirt e cuideachd gum feum iad co-chomhairle gu math dlùth a chumail ri com-pàirtichean agus cuideachd ri na coimhearsnachdan airson dèanamh cinnteach gu bheil iadsan cofhurtail ri gluasad den t-seòrsa seo.