Nas lugha sgoilearean a' dèanamh Gàidhlig mar chuspair

  • 3 An Dàmhair 2017
Sgoil ùr MhicNeacail Image copyright Comhairle nan Eilean Siar

Tha an àireamh de sgoilearan a tha a' dèanamh leasanan Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile sna h-Eileanan an Iar air tuiteam gu mòr thairis air na 10 bliadhna a chaidh seachad, a rèir fhigearan ùra.

Tha na figearan a fhuair am BBC bho Chomhairle nan Eilean Siar a' coimhead air sgoilearan eadar 2007 agus 2017.

Bha beachd air nochdadh gun robh an àireamh de sgoilearan a bha a' dèanamh leasanan Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile air a dhol sìos. Tha na figearan seo bho Chomhairle nan Eilean Siar a' dearbhadh sin.

Sheall na figearan gun robh suas ri 80 sgoilear san treas agus sa cheathramh bliadhna ann an clasaichean fileanta sna h-eileanan ann an 2007.

Chan eil ach 24 sgoilear a' dèanamh leasanan Gàidhlig anns na ceithir àrd-sgoiltean a-nis.

Am measg an luchd-ionnsachaidh, tha an àireamh air a dhol sìos bho 114 sgoilear 10 bliadhna air ais, gu nas lugha na 40 a-nis. Chaidh na figearan sìos 24 ann an 2016.

''Barrachd chuspairean''

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil a' chùis beagan nas fheàrr am-bliadhna.

Chan eil na figearan airson 2017 air a bhith air an cruinneachadh gu h-oifigeil fhathast.

'S e pàirt den adhbhar airson a' chrìonaidh seo, gu bheil mar a tha na cuspairean air clàr-ama nan sgoilearan air atharrachadh.

Tha barrachd chuspairean ann a-nis na b' àbhaist, agus tha seo a' fàgail gu bheil aig a' Ghàidhlig ri farpais an aghaidh chuspairean eile.

Thuirt fear a th' aig àrd-ìre a thaobh a bhith a' dèiligeadh ris a' Ghàidhlig ann an àrd-sgoiltean nan Eilean Siar gu bheil iad a' dol a dh'fheuchainn ri atharrachadh a thoirt air cùisean.

Tha na figearan seo airson Sgoil MhicNeacail, Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart, Sgoil Lionacleit ann an Uibhist agus Sgoil Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.