Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisean Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, nach deach adhartas gu leòr a dhèanamh ann an còmhraidhean Brexit airson gluasad dhan ath ìre. Thuirt Mgr Juncker ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa nas tràithe an-diugh gu bheil crìochan na h-Èireann, agus ceistean ionmhais, a' cur maill air na còmhraidhean. Thuirt Theresa May na bu tràithe nach tèid brath a ghabhail air Breatainn 's na còmhraidhean agus gu bheil ise ag iarraidh aonta a bhios math dhan dà thaobh.

Am Partaidh Tòraidheach

Chuir Theresa May dìon cuideachd air a stoidhle fhèin mar cheannard air na Tòraidhean an dèidh do Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, a bheachdan fhèin fhoillseachadh air dè bu chòir a bhith ann am Brexit. Thuirt i nach eil i idir ag iarraidh sgioba timcheall oirre a tha a' gabhail ris a h-uile facal a chanas i. Bha i a' bruidhinn ro òraid Mhgr Johnson an-diugh aig co-labhairt a' phartaidh ann am Manchester.

Las Vegas

Tha rannsachadh a' dol air adhart mu dè thug air Stephen Paddoch ionnsaigh le gunna a dhèanamh, a mharbh 59 duine ann an Las Vegas a bhon raoir. Chaidh còrr is 500 duine a leòn. Thuirt poileas gun d' fhuair iad na h-uidhir de ghunnaichean agus armachd eile ann an seòmar an taigh-òsta anns an do loisg e air sluagh gu h-ìosal aig consairt.

Monarch Airlines

Tha mu 12,000 eile de luchd-siubhal a' tilleadh a Bhreatainn an dèidh do Monarch Airlines a dhol fodha. Chaidh àireamh den aon t-seorsa a thoirt dhachaigh an-dè, ach fiù 's aig sin, tha còrr is 100,000 thall-thairis fhathast.

Malaysia Airlines

Dh' fhoillsich luchd-rannsachaidh ann an Astràilia an aithisg air itealan Malaysia Airlines MH370, a chaidh a dhìth bho chionn faisg air 3 bliadhna air slighe eadar Kuala Lumpur agus Beijing, le 239 air bòrd. Tha an aithisg ag ràdh gur gann a ghabhas e creidsinn nach deach sgeul fhaighinn a-riamh air a' phleàn.

Bun-Sgoil Steòrnabhaigh

Tha coltas gur ann a' leudachadh a tha am buaireadh eadar pàrantan agus Comhairle nan Eilean Siar mu Bhun-Sgoil Steòrnabhaigh. Thug na pàrantan cuireadh do bhuill comhairle a dhol a dh'fhaicinn staid na sgoile, ach tha iad a' cumail a-mach gu bheil aithisg a chaidh gu Comataidh an Fhoghlaim an t-seachdain sa chaidh a' dèanamh dìmeas orrasan agus nach robh fiosrachadh ceart innte.