Cumha an t-Sneachda

  • 2 An Dàmhair 2017
Iain Camshron Image copyright Iain Cameron
Image caption An t-eòlaiche sneachda, Iain Camshron, leis na bloighean mu dheireadh den bhad sneachda mus do leagh e.

Leagh am bad sneachda a b' fhaide a bha maireann an Alba, a leagh gu tur mu dheireadh ann an 2006.

Tha eòlaichean den bheachd nach do dh'fhalbh am bad sneachda - air a' Bhràigh Riabhaich, an treas beinn as àirde san dùthaich - buileach ach seachd tursan san 300 bliadhna mu dheireadh.

Bidh luchd-sreap is luchd-coiseachd nam beann a' gabhail "eigh-shruth na h-Alba" air a' bhad sneachda, ach canar cuideachd "an Sphinx" ris.

B' ann anmoch air a' bhliadhna 2006 a thuit na bleideagan sneachda mu dheireadh a bh' air fhàgail dheth, agus a leagh air falbh air an deireadh-sheachdain.

Leagh bad sneachda eile air an Aonach Bheag an t-seachdain seo chaidh.

'S e seo a' chiad uair ann an 11 bhliadhna nach eil sneachda sam bith air a bhith air fhàgail air beanntan na h-Alba.

Tha mar a bha aimsir bhlàth agus fliuch bitheanta air a' Gheamhradh mu dheireadh ga choireachadh.

San Lùnastal am-bliadhna, airson a' chiad uair ann an 11 bhliadhna, cha robh sneachda sam bith air fhàgail air Beinn Nibheis.