Coimiseanair cànain a dhìth?

  • 29 An t-Sultain 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An t-Ollamh Rob Dunbar a' moladh coimiseanair cànain airson na Gàidhlig

Dh'iarr eòlaiche lagha gun tèid coimiseanair cànain a' stèidheachadh airson na Gàidhlig.

Bha an t-Ollamh Rob Dunbar a' bruidhinn an dèidh mar a chaidh ath-thagradh le pàrantan ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhiùltadh.

Tha an t-Ollamh Dunbar ag ràdh gu bheil seo a dhìth gus dèanamh cinnteach gun cumadh buidhnean poblach is ùghdarrasan ionadail ri na dleasdanasan a th' orra a thaobh na Gàidhlig.

Thuirt e gu bheil e na ìognadh gun deach an tagradh a dhiùltadh sa chiad dol a-mach agus gu bheil seo a' sealltainn laigsean ann an reachdas na Gàidhlig.

"Chan eil mi ga thuigsinn, agus gu dearbha fhèin, tha mi feargach," thuirt an t-Ollamh Dunbar.

Thog e cuideachd air na cothroman a th' aig pàrantan fhathast, ath-thagradh eile a dhèanamh, agus fiù's a dhol gu cùirt.

Ach tha e mothachail air na dùbhlain a bhiodh an-lùib sin.

"Bhiodh sin cosgail, doirbh, agus bheireadh e ùine," thuirt e.