Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

28 An t-Sultain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Theresa May

Thuirt Theresa May a-rithist gun cum i smachd air cosgaisean poblach ged a tha cuideam oirre an sporan fhosgladh. Ann an oraid a' comharrachadh 25 bliadhna de neo-eisimeileachd phoileataigeach do Bhanca Shasainn thuirt i gur e dèiligeadh ri fiachan na dùthcha an dòigh as fheàrr air an economaidh a neartachadh. Gheall Ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, an-de gun cuireadh esan ceart milleadh a rinn polasaidh ghearraidhean agus cùmhnadh an riaghaltais.

Ryanair

Tha Ùghdarras Catharra nam Plèanaichean a' maoigheadh cùis-lagh air Ryanair, agus a' fagail air a' chompanaidh gu bheil iad a' mealladh an luchd-siubhail agus a' diùltadh an còirichean dhaibh. Tha Ryanair a' cur às do 18,000 eile de na seirbheisean aca air a' gheamhradh agus iad ag aideachadh nach do rinn iad ullachadh ceart 'son saor-laithean nam pìleat. Thuirt Ryanair, ge-ta, gu bheil iad a' cumail ris a h-uile riaghailt.

Fearann

Tha rannsachadh a' tòiseachadh air cò leis fearann na h-Alba agus buaidh sin air na tha a' còmhnaidh air an fhearann sin. Tha tomhas ann gur ann aig nas lugha na 500 duine a tha an dàrna leth de thalamh priobhaiteach na h-Alba gu lèir. Tha Coimisean ùr Fearann na h-Alba a' faighneachd am bheil uimhir sin de thalamh fo smachd glè bheag dona do choimhearsnachd.

Seòmar-stiùiridh

Thuirt ball de dh'Ùghdarras Poilis na h-Alba, gur e seirbheis nas fheàrr air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eilean a thig le dùnadh connspaideach seomar-stiùiridh nam poileas ann an Inbhir Nis. Bha Seòras Greumach, a bha na Àrd-chonstabal air Poilis a' Chinn a Tuath, a' bruidhinn ro choinneimh an ùghdarrais an-diugh far am bheil dùil ri aonta 'son seòmar Inbhir Nis a dhùnadh. Agus tha dùil gun gabh an t-ùghdarras ri conaltradh poblach air plana 'son 12 de na stèiseanan polais air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan a dhùnadh. Nam measg tha Loch Baghasdail, Dùn Bheagain, an t-Àth Leathann, Brùra, Drochaid a' Bhanna,an Luirg, Inbhir Gòrdain agus a' Chananaich.

FTMG

Gheall Comann nam Pàrant Nàiseanta gu lean iad a' strì 'son foghlam Gàidhlig ann an sgire Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear ged a tha an t-ùghdarras ionadail a' diùltadh sin dhaibh. Dh'fhailnich a' chiad oidhirp agus chan eil a' chomairle a' gabhail nas motha ri ath-thagradh. B' e seo a' chiad oidhirp fo Achd ùr an Fhoghlaim air foghlam Gàidhlig iarraidh air ùghdarras ionadail agus leis a' chomhairle a' ràdh gu seas an co-dhùnadh sin, tha Comunn nam Pàrant a' cumail a-mach gu bheil e a' dearbhadh laigse san achd ùr.

Trump

Chuir an Ceann-suidhe Trump planaichean air adhart 'son cìsean a ghearradh, na gearraidhean 's motha ann an eachdraidh Ameireaga, na bhriathran fhèin. Thuirt e gun cruthaich sin cosnaidhean agus saoibhreas. Tha na Democrataich a' fàgail air gur iad daoine beartach 's motha a gheibh buannnachd as na molaidhean sin.